Caol Bhòid a-mach

Iomain Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Tha Inbhir Aora is Caol Bhòid air a h-uile Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu a ghlèidheadh bho 2006.

Chaidh Caol Bhòid - a bhuannaich Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu an-uiridh - a-mach às an fharpais an aghaidh Inbhir Aora, 1-0.

'S e Eoghan MacMhurchaidh a chuir an aon tadhal sa gheama, as-dèidh uair a thìde.

Bidh Inbhir Aora an aghaidh Eilean Bhòid san iar-chuairt dheireannaich.

Rinn na h-eileanaich a' chùis 3-1 air Camanachd an Òbain as-dèidh ùine a bharrachd.

Sa gheama eile san iar-chuairt dheireannaich bidh Obar Dothair an aghaidh Thaigh an Uillt.

Bhuannaich Obar Dothair an aghaidh Cille Mhoire air slaicean peanais as-dèidh dhaibh crìochnachadh aig 1-1.

Chaidh Taigh an Uillt air adhart 3-2 an aghaidh Cheilteach an Òbain.

Chan eil Obar Dothair air neo Taigh an Uillt riamh air a' chuairt dheireannaich a ruighinn.

Tuath

Sa cheann a tuath 's iad Baile Ùr an t-Slèibh a bhuannaich geama mòr an là, 2-1 an aghaidh a' Ghearasdain ann an Cupa MhicThàmhais.

Thàinig an tadhal cudromach bho Phòl MacArtair le dìreach trì mionaidean de dh'ùine a bharrachd air fhàgail.

Chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air adhart, 3-1 an aghaidh Chill Mhàilidh.

Tha Loch Abar san iar-chuairt dheireannaich cuideachd, rinn iadsan a' chùis air na Sgitheanaich 4-0.

San aon gheama sa phrìomh lìog bhuannaich Lòbhat 4-3 air falbh an aghaidh Chinn Loch Seile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile