Dearbhadh air corp an Eadartan
- Published
image copyrightOther
Dh'innis Poilis a Chinn a Tuath gur e corp Moyra As-Chainey, deugaire às Eadartan a bha air a dhol a dhìth, a fhuair iad ann an coille sa sgìre.
Chaidh Moyra fhaicinn mu dheireadh Diciadaoin a chaidh.
Bha còrr is 50 neach an lùib na h-iomairt gus a lorg.
Thuirt na poilis nach eil dad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 An Giblean 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh