Droch dhrugaichean sa Ghearasdan

Tha duine fhathast san ospadal sa Ghearasdan às dèidh do thrì duine deug a ghabh drugaichean mì-laghail cùram meadaigeach fhaighinn.

Thuirt na poilis agus luchd-obrach slàinte gun robh aca ri dèiligeadh ri grunnan dhaoine nach robh gu math Oidhche Shathairne às dèidh dhaibh pilichean a ghabhail.

Image copyright Other
Image caption Bu chòir do dhuine sam bith a ghabh tè dhe na pilichean cùram meadaigeach a shireadh

Bha iad dhan bheachd gur e valium a bh' annta.

Chaidh iad uile a chur gu Ospadal a' Bhelford.

B' e fireannaich eadar 19 agus 24 a bh' anns a' mhòr chuid dhe na daoine a dh'fhàs tinn.

Dh'fhoillsich na poilis dealbh de thè dhe na pilichean.

Tha iad gorm le sgrìobhadh air aon taobh, ach bha na poilis ag ràdh gu faodadh feadhainn a bhith donn.

Dh'iarr Poilis a' Chinn a Tuath air daoine a dhol thuca fhèin no gu Ospadal a' Bhelford ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil na pilichean seo aca.

Bu chòir do dhuine sam bith a tha dhan bheachd gun ghabh iad tè cùram meadaigeach a shireadh sa bhad.