Rathad an t-Sròim fosgailte buileach

Dh'fhosgail rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois buileach sa mhadainn Diluain.

Tha e fosgailte làn-ùine airson a' chiad turas bho chaidh a dhùnadh le maoim-slèibhe bho chionn ceithir mìosan.

Bha aig daoine san sgìre ri 140 mìle a bharrachd a dhràibheadh, seach 20 mìle eadar Loch Carrann agus Caol Loch Aillse.

Chaidh seirbheis aiseig a chur air dòigh cuideachd.

Ged a tha an rathad fosgailte a-nis, tha cuid draghail nach fhada gus an dùin e a-rithist is maoimean-slèibhe air a bhith nan trioblaid bho chaidh a thogail bho chionn còrr air dà fhichead bliadhna.

Thuirt fear-labhairt bho Chomann Gnìomhachais na sgìre gu feum plana a chur an gnìomh nas luaithe ma thachras an aon rud a-rithist.