Nat Friseal fo chasaid gun mhort e a bhean Arlene

Thòisich cùis-lagha an aghaidh Nat Fhriseil, a tha fo chasaid gun mhort e a bhean.

Image copyright Other
Image caption Chaidh Arlene Fhriseal a dhìth ann an 1998

Chaidh Arlene Fhriseal, 33 à Eiliginn aig an robh dithis duine cloinne, a dhìth ann an 1998.

Tha an duine aice, Nat Friseal, 53, a' dol às àicheadh na casaid.

Tha dùil gu mair a' chùis aig an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann grunnan sheachdainean.

'S e am Morair Bracadail am britheamh.