"Blas Lunnainn" bhon bhùrn

  • Air fhoillseachadh

Tha daoine ann am Bàideanach agus Srath Spè a' gearain gun mhill leasachadh aig Uisge na h-Alba sa sgìre blas a' bhùirn.

Chaidh buidheann iomairt air a bheil an t-ainm Purify Our Water (POW) chur air dòigh is iad ag ràdh gu bheil an t-uisge a bha cho blasta coltach a-nis ri "bùrn Lunnainn".

Chosg an obair a rinn Uisge na h-Alba £24m.

Fhuair daoine bùrn bhon an t-siostam ùr sa Ghearran.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil an siostam ùr nas fheàrr, agus cumaidh iad latha fiosrachaidh san Aghaidh Mhòir sa Chèitean.

Thuirt fear-labhairt bho POW ge-tà nach eil am bùrn idir cho math sa bha e.