Uàrd air fosgladh

Clostridium difficile Image copyright Other
Image caption Dh'fhaodadh C.diff a bhith marbhtach do sheann daoine agus daoine a tha tinn mar-thà.

Tha ceannardan slàinte aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis air uàrd aillse, a chaidh a dhùnadh ri linn Clostridium difficile, fhosgladh.

Bha an uàrd dùinte airson grunnan lathaichean às dèidh do thriùir euslainteach an galar fhaighinn.

Chaidh na h-euslaintich a thoirt air falbh bho dhaoine eile agus chaidh an uàrd a ghlanadh.

Bha cùis C.diff na bu mhiosa aig an ospadal aig toiseach na bliadhna.

Chaidh uàrd a dhùnadh an uair sin cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile