Uàrd air fosgladh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh C.diff a bhith marbhtach do sheann daoine agus daoine a tha tinn mar-thà.
Tha ceannardan slàinte aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis air uàrd aillse, a chaidh a dhùnadh ri linn Clostridium difficile, fhosgladh.
Bha an uàrd dùinte airson grunnan lathaichean às dèidh do thriùir euslainteach an galar fhaighinn.
Chaidh na h-euslaintich a thoirt air falbh bho dhaoine eile agus chaidh an uàrd a ghlanadh.
Bha cùis C.diff na bu mhiosa aig an ospadal aig toiseach na bliadhna.
Chaidh uàrd a dhùnadh an uair sin cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Giblean 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh