Càineadh do sgioba an Astute

Cho-dhùin aithisg bhon Chabhlach Rìoghail gun deach sreath de mhearachdan a dhèanamh mus deach am bàt-aigeinn an HMS Astute an sàs anns an ghrunnd far chosta an Eilein Sgitheanaich.

Thachair an tubaist san Damhair 2010 fhads a bha an sgioba a' gluasad stuth gu soitheach eile.

Thuirt an sgrùdadh nach deach plana ceart a dhèanamh airson na h-obrach, a ghabh àite san dorchadas.

Cuideachd, bha am prìomh radar dheth.

A thuilleadh air an sin, cha deach clàran a leantainn mar bu chòir agus bha trioblaidean ann le siostam conaltraidh an Astute.

Chaill sgiobair an Astute, an Commandair Andy Coles, command na soithich às dèidh na tubaist.

Chaidh dithis eile bhon sgioba a pheanasachadh cuideachd.