Cùis drugaichean a' Ghearasdain

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cùis dhrogaichean sa Chùirt

Nochdaidh fireannach 22 anns a' chùirt co-cheangailte ri malairt dhrugaichean mì-laghail anns a' Ghearasdan Dimàirt.

Fhuair 14 duine cùram air an deireadh sheachdain às dèidh dhaibh pilichean a ghabhail sa bhaile.

Bha iad a' smaoineachadh, a rèir aithris, gur e valium a ghabh iad.

Dh'iarr Poilis a' Chinn a Tuath air daoine a dhol thuca - no gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan - ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil na pilichean seo aca.

Dh'fhoillsich na poilis dealbh de thè dhe na pilichean, a tha gorm le sgrìobhadh air aon taobh no donn.

Bu chòir do dhuine sam bith a tha dhan bheachd gun ghabh iad tè cùram meadaigeach a shireadh sa bhad.