Poileas fo chasaid gun tug e clann-nighean am bruid

Chaidh oifigear aig Poilis a' Chinn a Tuath a chur fo chasaid gun tug e dithis nighean, a tha nan deugairean, am bruid bho dhachaigh-cloinne anns an Iuchar an-uiridh.

Tha casaid eile na aghaidh gun robh e a' bagairt air balach 13 bliadhna a dh'aois le batan aig an dachaigh.

Tha am poileas agus oifigear eile cuideachd fo chasaid gun robh iad a' maoidheadh air a' chlann-nighinn.

Chaidh a' chùis a chur air adhart gun tagradh aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Pheotharan Diluain.

Chaidh an dithis oifigear a chur às an dreuchdan rè-ùine.