Iubalaidh na Banrìgh

Iubalaidh Airgid na Ban-rìgh ann an 1977
Image caption Chaidh pàrtaidhean sràid a chumail airson Iubalaidh Airgid na Banrìgh a chomharrachadh

Tha coimhearsnachdan nan Eilean Siar gam brosnachadh tachartasan a chur air dòigh airson Iubalaidh Daoimein na Banrìgh a chomharrachadh as t-samhradh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Morair nan Eilean Siar ag ràdh gum faodadh leithid buidhnean airson seann daoine agus comainn òigridh smaoineachadh air tachartasan a chumail air an deireadh sheachdainn air am bithear a' comharrachadh trì fichead bliadhna bho ghabh an Darna Banrìgh Ealasaid an Crùn.

Tha iad mar-thà air fios fhaighinn bho chorra àite a tha an dùil lòn a chur air dòigh dhan choimhearsnachd air fad.

Bidh teintean cuideachd gan cur air dòigh ann an Leòdhas, anns na Hearadh agus ann an Uibhist - mar a tha a' tachairt ann an Lunnainn fhèin.

Taisbeanaidhean

Tha Leas-mhorair nan Eilean Siar, Dòmhnall Màrtain, ag ràdh gu bheil diofar dhòighean anns am faod muinntir na sgìre an là mòr a chomharrachadh.

"Tha sinn cuideachd air a bhith a' beachdachadh gur dòcha gum biodh e iomchaidh, gu h-àraidh anns na h-Eileanan agus air a' Ghàidhealtachd far a bheil Comainn Eachdraidh againn, gum faodadh iad taisbeanadh sònraichte a dhèanamh an t-seachdainn sin de dhealbhan a' sealltainn tursan Rìoghail dhan sgìre aca fhèin", thuirt e.

Ged a tha Mhr Màrtainn a' gabhail ris gur dòcha nach bi uidhir a dh'ùidh aig muinntir nan Eilean anns a' chùis 's a bhios aig cuid ann an ceann a deas na dùthcha, tha e ag ràdh gur e deagh chothrom a th' ann luaidh a dhèanamh air obair na Banrìgh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi coimhearsnachdan ann a bhios airson na seirbheis ionmhalta fhada a tha a' Bhanrìgh air a thoirt seachad thairis air na trì fichead bliadhna a chaidh seachad a chomharrachadh", thuirt e.

Tha fiosrachadh agus stiùireadh do bhuidhnean a dh'iarradh tachartasan a chumail ri fhaicinn air làrach-lìn Chomhairle nan Eilean Siar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile