Cead do sgeama taigheadais

An Canàl Cailleannach (le cead bho Undiscovered Scotland) Image copyright Other
Image caption Bha dragh air cuid gum milleadh na taighean ùr coltas an àite

Thug Comhairlichean Gàidhealach cead do phlana connspaideach fon tèid 26 taigh Comhairle ùr a thogail faisg air a' Chànal Chailleannach ann an Inbhir Nis.

Bidh sia taighean airson seann daoine, ochd taighean eile agus 12 flat an lùib an leasachaidh.

'S ann air cùlaibh Craobh-slighe St Valery a bhios na taighean ùr.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e leasachadh aig àrd ìre a bhios ann, agus gum bi na taighean ùr gu math goireasach a thaobh còmhdhail.

Draghan

Bha Comhairle Choimhearsnachd na sgìre a' gearain ge-tà gun dèanadh na taighean ùr cron air coltas an àite, gun cailleadh muinntir an àite talamh phoblach agus gum faodadh trioblaid a bhith ann le trafaic.

Chaidh na planaichean atharrachadh ann an grunn dhòighean ann an oidhirp an fheadhainn a bha a' gearain a shasachadh.

Bidh cothrom aig muinntir na sgìre am beachdan air mar as fheàrr dèiligeadh ri trafaic a chur air adhart mus tèid planaichean deireannach a dhealbh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile