Ceannard Gàidhlig gun Ghàidhlig?

Tha h-uile coltas gun tèid sanas a-mach airson ceannard maireannach do Bhunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a chanas nach eil an cànan riatanach airson na h-obrach.

Chunnaic Radio nan Gàidheal litrichean a' nochdadh gu bheil oifigearan foghlaim a-nis a' gabhail ris gun tèid cuideigin gun Ghàidhlig a chur dhan dreuchd làn-ùine.

Tha an sgoil air a bhith as aonais ceannard maireannach bho 2009, nuair a leig Seònaid NicLeòid dheth a dreuchd.

Ceannardan eadar-amail

Tha triùir air a bhith ann bhon uair sin anns an eadar-ama, agus 's e ceannard gun Ghàidhlig a tha an dèidh bhith os cionn na sgoile airson faisg air dà bhliadhna is e air faileachadh air a' chomhairle duine freagarrach fhaighinn leis a' chànan.

Ach, chan eil oifigearan foghlaim airson cumail a' dol le suidheachadh eadar-amail.

Tha iad ag iarraidh sanas a chur a-mach airson ceannard maireannach a chanas nach bi fileantachd anns a' Ghàidhlig riatanach airson na dreuchd.

Cunnart

Ach, tha mòran phàrantan agus luchd-iomairt dhan bheachd gum biodh sin cunnartach, agus gu stèidhich e prionnsabal ann an Alba gu bheil e ceart gu leòr duine gun Ghàidhlig a bhith os cionn sgoil Ghàidhlig.

Dh'fhàg aon bhall de chomhairle phàrant na sgoile a dhreuchd leis cho mì-thoiliche sa tha e.