Bannan-làimhe puinnseanta air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
ban-làimheTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na poinearain dearga is dubha puinnseanta

Chaidh rabhadh a thoirt seachad le oifigich inbhean malairt gun deach bannan-làimhe le sìol marbhteach a reic air Ghàidhealtachd.

Tha na bannan air an dèanamh le pònairean abrus precatorious a tha sàbhailte gu leòr, ach tha sìol nam broinn a tha coltach ri ricin.

Dh'fhaodadh beagan dhan phuinnsean duine a mharbhadh.

Chaidh an toirt a Bhreatainn le companaidh à Suffolk, a tha an dèidh iarraidh air daoine an tilleadh thuca.

Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil na bannan-làimhe fònadh gu 0845 600 4222 no post-d a chur gu trading.standards@highland.gov.uk.

Tha ainmean eile air abrus precatorius, samhail jequirity, crab's eye, rosary pea, John Crow bead, precatory bean, Indian liquorice, akar saga, giddee giddee agus jumbie bead.