Cead ga iarraidh airson tuath-gaoithe an Linne Mhoireibh

Tha cead-dealbhachaidh ga shireadh bho Riaghaltas na h-Alba airson tuath-gaoithe le 277 crann ann an Linne Mhoireibh.

Chuireadh Beatrice Offshore Windfarm Ltd (Bowl) an tuath, a bhiodh am measg nan tuathan-gaoithe aig muir as motha anns an t-saoghal, far chosta Ghallaibh.

Thàinig an naidheachd air an latha a bha am fear-gnothaich Ameireaganach Dòmhnall Trump a' toirt fianais seachad aig Holyrood mu chumhachd ath-nuadhachail.

Ged a bhiodh an tuath-gaoithe aig Bowl mòr, tha planaichean fiùs nas motha aig Buidheann Cumhachd Ath-nuadhachail Linne Mhoireibh, a mhol tuath le 350 crann.