BBC Naidheachdan

Panda dearg ga chur sìos

Published
Chaidh panda dearg a chur sìos air Ghàidhealtachd.
Thuirt luchd-obrach bho Phàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd, a tha faisg air Ceann na Creige, gun robh e duilich do Jodie a h-anail a tharraing agus gun robh i a' tuiteam.
image copyrightOther
image captionBha luchd-obrach agus luchd-tadhail dèidheil air Jodie
Bha am panda, a bha aig Sutha Dhùn Èideann mus do ghluais i gu tuath ann an 2008, leatha fhèin bho bhàsaich a cèile, Babu.
Chuir a' phàirc tìgeir a bha tinn sìos air a' mhìos a dh'fhalbh.
Thuirt Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd gun robh Jodie a' fulang uiread 's gu feumadh iad a cur gu bàs.
Bha iad ag ràdh gun robh an luchd-obrach agus an luchd-tadhail garbh dèidheil oirre.