Rabhadh eile mu diazepam
- Air fhoillseachadh
Thuirt na poilis agus NHS na Gàidhealtachd gu bheil daoine anns a' Ghearasdan fhathast a' gabhail pilichean diazepam gorma a dh'fhàg 14 duine ann an Ospadal a' Bhelford anns a' bhaile.
Chaidh rabhadh a thoirt seachad gu faodadh na pilichean cron mòr a dhèanamh, ach tha tuilleadh dhaoine an dèidh bhith air an glacadh leotha.
Dh'iarr na poilis air daoine sùil a chumail a-mach airson comharran gun ghabh caraidean dhaibh na pilichean.
Tha ceann goirt, sgìths agus luairean am measg nan comharran sin.