NHS na Gàidhealtachd duilich

Dh'iarr NHS na Gàidhealtachd air euslainteach an leisgeul a ghabhail ri linn dàil ann a bhith a' co-dhùnadh gun robh aillse ann an tè dhe na dubhagan aige agus mar a làimhsich iad gearan.

Chuir an t-euslainteach, nach deach ainmeachadh, fios gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, agus ghabh a' bhuidheann ris gun robh adhbhar gearain aige.

Bha an t-euslainteach ag ràdh nach deach sùil cheart a chumail air cnap a chaidh a lorg air an dubhaig ann an 2005.

Inbhir Nis

Chaidh e gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt e ri Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gun gabhadh an aillse a bhith air a sheachnadh, agus dh'aontaich a' bhuidheann ris.

Chaidh moladh gum bu chòir do NHS na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis, leananan ionnsachadh, agus leisgeul an euslaintich iarraidh.

Chuir Àrd Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd Elaine Mead fàilte air an sgrùdadh agus thuirt i gun sgrìobh i chun an euslaintich a ràdh gun robh iad duilich.

Bha i ag ràdh cuideachd gu bheil e cudthromach gun ionnsaich NHS na Gàidhealtachd leasanan ma nì iad mearachdan.