Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salmond

Thèid Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a cheasnachadh aig Holyrood an-diugh mu cheanglaichean ri News Corporation aig Rupert Murdoch. Chaidh puist-dealain fhoillseachadh na bu tràithe an t-seachdain-sa aig rannsachadh Leveson mu mhodhan obrach nam meadhanan naidheachd a tha a' cur an cèill beachd gu faodadh gu robh Ailg Salmond deònach taic a chur ri oidhirp Rupert Murdoch air BSkyB a ghabhail thairis. Tha Mgr Salmond a' dol as àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.

Murdoch

Tha Rupert Murdoch a' toirt fianais an-diugh a-rithist do rannsachadh Leveson le ceasnachadh air mu chasaidean gu robh luchd nam pàipearan-naidheachd aige a' toirt pàigheadh mì-laghail seachad airson fiosrachadh fhaighinn bho oifigich phoblach. Thuirt an ceannard Làbarach, Ed Miliband, nach gabh e creidsinn gu bheil Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, fhathast san dreuchd an dèidh na thàinig am follais mu cheanglaichean eadar an roinn aige-san agus News Corporation.

Bamber

Cha do shoirbhich idir le fear a chaidh dhan phrìosan bho chionn còig bliadhna fichead airson còignear de theaghlach a mhort, agus e a' feuchainn ris a chùis a thoirt gu Cùirt an Ath-Thagraidh. Chaidh Jeremy Bamber a dhìteadh airson a phàrantan-dalta, a phiuthar agus dithis eile san teaghlach a mhort ann an Essex ann an 1985. Thuirt Comisean Ath-Sgrùdaidh nan Cùisean Eucoir nach fhaca iad dad de dh'fhiosrachadh ùr a chuireadh às dhan dìteadh sin.

Rangers

Thuirt manaidsear Rangers, Ally McCoist, nach eil maoidheadh air panal breithneachaidh an SFA ach a' dèanamh milleadh air Rangers. Thàinig e am follais gun tug poilis comhairle mu thèarainteachd do bhuill a' phanail a chur peanas air Rangers, agus tha na poilis cuideachd a' rannsachadh aithrisean gun deach maoidheadh air an triùir sin an dèidh dha a h-ainmean aca nochdadh air làraich-lìn. Thuirt Ally McCoist na bu tràithe an t-seachdainn seo gum bu chòir an triùir sin ainmeachadh gu poblach ach thuirt e an-diugh nach robh esan a-riamh airson gum biodh duine a' maoidheadh cron orra.

Taylor

Thig breith bho Chùirt Eucoir Cogaidh an Hague an-diugh air Charles Taylor a bha na cheann-suidhe air stàit Liberia air taobh siar Africa. Tha esan a' dol as àicheadh gu robh e ri mort, èigneachadh agus a' cleachdadh chloinne mar shaighdearan ann an Sierra Leone anns na 1990an.

Drugaichean

Thuirt Polais a Chinn a' Tuath agus NHS na Gàidhealtachd gu bheil feadhainn anns a' Ghearasdan fhathast a' gabhail phileachan diazepam mì-laghail a dh'aindeoin rabhadh mun chunnart aig toiseach na seachdainn. Thuirt na poilis gun d' fhuair iad na h-uimhir de dhaoine leis na drugaichean sin bhon uairsin.

Spòrs

Bha an goilfear Albannach Richie Ramsay aig dhà fo par anns an fharpais Eòrpach mu dheireadh ann an Coiria a Deas. Tha e an-dràtsa dà sràc bho mhullach a' chlàir. Agus, ann an snooker, tha prìomh chluicheadair na cruinne Mark Selby a-mach à Farpais na Cruinne ann an Sheffield. Chaill e ri Barry Hawkins. An-duigh, tha an t-Albannach Stephen MacGuaire a' tòiseachadh air a' ghèam aige anns an dàrna cuairt an aghaidh an t-Sasannaich Joe Perry.