BBC Naidheachdan

Fear a bhàsaich air ainmeachadh

Published
image captionFhuaireas an corp aig Baile an Fhraoich feasgar Dihaoine
Dhearbh Polais a' Chinn a Tuath gur e corp Eideaird Phorter, a bha a dhìth bho chionn trì seachdainnean, a chaidh a thoirt as a' Chanàl Chailleannach ann an Inbhir Nis Dihaoine.
Chaidh mothachadh dhen chorp le neach a bha a-muigh san sgìre.
Bha daibhearan poilis air a bhith a' sgrùdadh a' chanàil an t-seachdain a chaidh feuch sgeul fhaighinn air Mghr Porter, a bha 33.
Cha deach fhaicinn bhon 11mh den Ghiblean.
Tha dùil gun robh e a' dol a dh'iasgach chun a' chanàil no gu Abhainn Nis nuair a chunnacas mu dheireadh e.
Thuirt Polais a' Chinn a Tuath nach robh càil amharasach mu bhàs.