Cùis amphetamine
- Air fhoillseachadh
Fhuair fear à Inbhir Pheotharan a thug luach £150,000 dhan druga amphetamine à Glaschu chun na Gàidhealtachd trì bliadhna agus ceithir mìosan anns a' phrìosan.
Chuala an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann gun deach Raibeart Greumach, 50, an sàs ann an drugaichean gus am faigheadh e air fiachan a phàigheadh.
Dh'aidich Greumach gun robh gnothaich aige ri bhith a' gluasad dhrugaichean air an 4mh latha den t-Samhainn an-uiridh.
Thuirt am britheamh am Morair Brodie gum biodh e air binn còig bliadhna fhaighinn mur a biodh e air aideachadh gun robh e ciontach.
Chuir na poilis stad air Raibeart Greumach air an A82 eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis.