Thoir an aire, thoir an aire!

Thug na poilis anns na h-Eileanan an Iar rabhadh seachad mu shanasan bho dhaoine a tha mas fhìor a' reic pheataichean air-loidhne bho sheòladh anns na Hearadh.

Tha iad dha-rìribh stèidhichte ann an Nigeria agus ri foill.

Cha robh càil a dh'fhios aig na daoine a tha aig an t-seòladh mu dheidhinn.

Chuir daoine a chleachd na h-ainmean Mr R Miah no Hans Gorteng seòladh anns na Hearadh air-lòidhne mar phàirt de shanasan airson pioghaidean agus coin.

Bha an luchd-foill ag iarraidh airgid mus fhaigheadh tu am beathach.

Chaidh rabhadh a thoirt seachad leis na poilis gu falbh iad leis an airgead, gun tèid an sanas a tharraing agus nach nochd am peata.