Dòchas do Ghàradh Àranais
- Air fhoillseachadh

Thathas an dòchas gum faigh Gàradh Àranais ann an Leòdhas buannachd à pròiseactan mòr a tha san amharc aig a' chompanaidh Bifab, leis a bheil an gàradh.
Tha an obair a th' aig a' ghàradh an-dràsta an ìre mhath deiseil agus cha bhi ach glè bheag den luchd-obrach air fhàgail ann am meadhan a' Chèitein.
'S ann bho dhà phròiseact gu sònraichte aig Bifab a tha dòchas a' tighinn son Àranais
Thug Riaghaltas Bhreatainn cead-leasachaidh do raon-ola Solan, an iar air Sealtainn, is thathas an dùil gun tòisich obair air a' phròiseict sin sa Chèitean no an Òg-Mhìos.
Fhuair Bifab cùmhnantan bhon luchd-leasachaidh, Premier Oil, mar-thà is tha Gàradh Àranais gu math dòchasach gum faigh iadsan pàirt den obair.
Tha Bifab cuideachd ag amas air cùmhnant eile a thaobh Solan agus nam faigheadh iad i, thathas an dòchas gur ann gu Gàradh Àranais a rachadh an obair.
Beatrice
Thathas cuideachd a' leantainn suidheachadh tuath-gaoithe mòr Beatrice ann an Linne Mhoireibh.
Tha a' chompanaidh SSE, aig a bheil 10% de earrannan Bifab, aig ìre, cead iarraidh airson pròiseact Beatrice a thogail.
Bhiodh faisg air 300 muileann-gaoithe an lùib an leasachaidh.
Chaidh an t-seòrsa uidheamachd a bhios a dhìth a thogail ann an Gàradh Àranais agus le sin, agus an ceangal eadar Bifab is SSE, tha dòchas gun tig pìos den obair gu ruige Leòdhais.