Oidhirp air meàirle ann am Baile Dhubhthaich

Nochdaidh fireannach, 25, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Pheofharain Diluain às dèidh mar a chaidh feuchainn ri meàirle a dhèanamh à taigh-òsta ann am Baile Dhubhthaich oidhche Dhihaoine.

Tha dùil gun deach maoigheadh le sgithinn air duine a bha ag obair ann an taigh-òsta Mansefield, air Rathad Scotsburn, beagan às dèidh 11f.

Cha d' fhuair an duine air falbh le càil agus cha deach duine a ghoirteachadh.

Tha Polais a' Chinn a Tuath ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair brath a chur thuca.