Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pacastan

Thuirt an riaghaltas ann am Pacastan gu bheil iad a' feuchainn ri dearbhadh an e an Taliban a mhurt fear às Alba a bha ag obair dhan Chrois Dheirg anns an dùthaich sin. Bhoineadh Khalil Dale, a bha 60, do Dhùn Phris. Chaidh a chur am bruid san Fhaoilleach agus a chaidh a chorp fhaighinn an-dè faisg air baile Quetta. Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun deach a h-uile oidhirp a dhèanamh air a shaoradh bhon latha a chaidh a chur am bruid.

Ailig Salmond

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach robh bargan de sheòrsa sam bith na dèiligeadh ris an fhear-gnothaich, Rupert Murdoch. Thuirt Mgr Salmond an-diugh gur e cosnaidhean a ghlèidheadh do dh'Alba an aon rud a bha na bheachd agus nach e taic pàipearan-naidheachd News International dhan SNP.

Banca Dhail Chluaidh

Thuirt a' chompanaidh leis a bheil Banca Dhail Chluaidh agus Banca Yorkshire gur e cho bochd 's tha an eaconomaidh ann am Breatainn as coireach gu bheil iad a' gearradh 1400 cosnadh. Thuirt Banca Nàiseanta Astralia gum bi iad a' dùnadh 29 ionad ionmhais agus sia oifisean eile ro dheireadh 2015. Tha e coltach gur e mu 60 duine a chailleas an cosnadh ann an Alba.

Siria

Thuirt seirbheis telebhisean na stàite ann an Siria gun deach ochdnar a mharbhadh agus còrr' s fichead duine a ghoirteachadh ann an dà spreadhadh bom fèin-mharbhteach ann am baile Idlib ann an ceann an iar thuath na dùthcha. Tha na dealbhanan telebhisean a' sealltainn na h-uidhir de thoglaichean air an droch mhilleadh.

Geamaichean Olimpigeach

Tha dùil ri dearbhadh an diugh nach fhaod Comunn Olimpigeach Bhreatainn casg fad beatha a chur air luth-chleasaichean a chaidh an glacadh a' gabhail dhrugaicean toirmisgte. Tha sin a' ciallachadh gum faodadh leithid am fear-baidhsagal Albannach, Dàibhidh Miller, agus an sprinter, Dwain Chambers, àite fhaighinn sa sgioba airson nan Geamaichean Olimipigeach ann an Lunnainn san Iuchair.

Stampaichean

Chadh prìs stampa suas an-diugh ged a bha connspaid gu leòr ann mu dhèidhinn. Bidh stampa aig a' chiad ire 60sg agus 50sg airson na darna ìre.