Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile na h-Alba

Tha Bile na h-Alba, a bheir tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba, ga stèidheachadh mar lagh an-diugh. Bheir e cead do Phàrlamaid na h-Alba, am measg rudan eile, air ìre cìs teachd a-steach a stèidheachadh agus tuilleadh airgid a ghabhail air iasad. Tha Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte ag ràdh gur e an gluasad as motha a thaobh smachd air ionmhas gu ruige Alba ann an còrr 's 300 bliadhna, ged a tha Riaghaltas SNP na h-Alba ag ràdh nach eil e a' dol fada gu leòr.

Nick Clegg

Thuirt an Leas Phrìomhaire, Nick Clegg, nach eil e follaiseach ciamar as fheàrr faighinn gu firinn na cùise mun dòigh san do laimhsich Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, tairgse News Corporation airson BSkyB. Thuirt Mgr Clegg nach e am bu chùir rannsachadh a bhith ann mus tèid Mgr Hunt gu rannsachadh Leveson as cudromaiche, ach gun tig an fhirinn a-mach air a' cheann thall.

Far-chluais

Tha Comataidh a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs a' foillseachadh an aithisg air an deach a' char a thoirt à Pàrlamaid Westminster, mu bhitheantas far-chluais air fònaichean aig an News of the World. Bheir a' chomataidh beachd seachad cuideachd air an fhianais a fhuair iad bho Sheumas Murdoch, a bha na chathraiche air News International.

FAI

Thuirt rannsachadh FAI gum faodadh dithis nighean a bhith beò fhathast nam biodh an dachaidh chùram anns an robh iad a' fuireach nas fhaiceallaiche. Leum Neve Lafferty, a bha 15, agus Georgia Rowe, a bha 14, far Drochaid Arasgain san Damhair ann an 2009, an-dèidh dhaibh teicheadh bho ionad cùram òigridh ann an Baile an Easbaig. Thuirt an rannsachadh gun do chuir iad làmh nam beatha fhèin.

Corp

Dhearbh Polais a Chinn a Tuath gur e corp Eideard Porter a chaidh a thoirt às a' Chanàl Chailleanach ann an Inbhir Nis air an deireadh sheachdain. Chan fhacas Mgr Porter, a bha 33, bhon 19mh den Ghiblein nuair a chaidh e a dh'iasgach. Thuirt na poilis nach eil dad amharasach mun bhàs.

Sreapadair

Chaidh sgiobanan a-mach an-diugh an rithist a choimhead airson fear air nach eil sgeul ann an Gleann Deasairigh, aig ceann Loch Airceig ann an Loch Abar. Boinidh an duine, a tha 73, do Worcester ann an Sasainn. Chan fhacas e bho Dhihaoine agus chaidh fios air na seirbhisean eiginn Là na Sàbaid. Tha heileacoptair RAF às Inbhir Losaidh agus sgioba-teasargain nam beann à Loch Abar am measg na tha a' coimhead air a shon.