Oidhche mhòr an Lìog na Gàidhealtachd

Forres Mechanics Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Tha 6 puingean a dhìth air Forres Mechanics son a bhith cinnteach air an tiotal.

Tha cothrom aig Forres Mechanics ceum mòr a ghabhail a dh'ionnsaigh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh nuair a thèid iad an aghaidh Turriff United oidhche Chiadaoin.

Bha an sgioba à Pàirc Mosset am measg an fheadhainn a stèidhich Lìog na Gàidhealtachd ann an 1893, ach a dh'aindeoin nam bliadhnaichean mòra a chuir iad seachad san fharpais, chan eil iad air an tiotal a bhuannachadh ach aon turas, ann an 1985/86.

Cha robh mòran an dùil fiùs aig toiseach an t-seusain seo gum biodh na Mechanics a' farpais airson na lìog, is sgiobaidhean eile air tòrr a bharrachd airgid a chosg air cluicheadaran.

'S ann a tha sgioba Theàrlaich Rowley air soirbheachadh gu math is iad air a' mhòr-chuid den t-seusan a chur seachad aig a' mhullach.

Tha na Mechanics an-drasta san darna àite, dà phuing air deireadh air Cove Rangers, ach le dà gheama a bharrachd aca ri cluich.

Mullach

Thèid iad dhan mhullach ma bhuannaicheas iad an aghaidh Thurriff, is dh'fhàgadh sin nach biodh a dhìth air sgioba Fharrais ach trì puingean bhon dhà gheama eile aca.

Cluichidh iad a' Bhruach Disathairne is Cove aig an taigh an aghaidh Deveronvale.

Bidh an geama mu dheireadh aig na Mechanics ann Diciadaoin an 9mh den mhìos, aig an taigh an aghaidh Bhaile Chè.

Chan eil iad an dùil gum bi gnothaichean furasta.

"Choimhead sinn an geama eadar Cove is Nairn County an t-seachdain seo chaidh - is bha Cove fìor mhath", thuirt iar chathraiche na Mechanics, an Dr Dàibhidh Mac an Tòisich.

Earbsa

"Feumaidh ar luchd-leantainn earbsa is taic a chumail san sgioba eadar seo agus an geama mu dheireadh againn air an 9mh là den mhìos".

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòr - ach tha sinn uile gu mòr an dòchas gum bi an lìog againn son a' chiad turas ann an còrr is 25 bliadhna", thuirt e.

Bha ceist am bliadhna gun cailleadh an cluba Pàirc Mosset is luchd-leasachaidh airson am fearran a cheannach bho Chomhairle Mhoireibh.

Chaidh aig na Mechanics air a' cheann thall air aonta a ruighinn son fuireach aig a' phàirc co-dhuibh gu 2017.

Ma thèid aca a-nise air an lìog a bhuannachadh cuideachd, cuiridh e crìoch air bliadhna shònraichte son Forres Mechanics.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile