BBC Naidheachdan

Bàta an grèim sa Chaol

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionChaidh na maoir-chladaich air bòrd an Sordyroy sa Chaol.
Chuir na maoir-chladaich bàta bathair às Nirribhidh an grèim ann an Caol Loch Aillse air adhbharan slàinte is sàbhailteachd.
Fhuair oifigearan gun robh criubha an Sordyroy air 21 riaghailtean a bhristeadh.
Nam measg 's e gun deach aodaich a cheangal timcheall air siostam rabhaidh son teintean, gus nach rachadh fuaim rabhaidh a chluintinn.
A thuilleadh air sin, cha robh mapaichean den sgìre ionadail air bòrd idir.
Bha an Sordyroy am measg ceithir bàtaichean deug à dùtchanan cèin a chur na maoir-chladaich an grèim timcheall Bhreatainn sa Mhàirt, air sàilleabh is gun deach riaghailtean slàinte is sàbhailteachd a bhristeadh.
Feumaidh gach criubha sealtainn gu bheil iad air na h-uireasbhaidhean air dad a chur ceart gus am faigh iad cead port fhàgail.