Loidhne-rèile fosgailte a-rithist
- Air fhoillseachadh

Dealbh a chaidh a thogail goirid às dèidh na maoim-slèibhe.
Dh'fhosgail an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis is an Aghaidh Mhòr as ùr, as dèidh dhi a bhith dùinte fad ceithir làithean.
Chaidh an loidhne a dhùnadh Dihaoine às dèidh maom-slèibhe ri taobh na loidhne eadar an Sloc agus Drochaid Charra.
Chuir ScotRail busaichean air dòigh eadar An Aghaidh Mhòr is Inbhir Nis fhad 's a bha obair-càraidh ga dhèanamh air an loidhne.
Bha aca ri 2,000 tonna de chreig a chleachdadh gus an talamh ri taobh na loidhne a neartachadh.
Dh'fhosgail an loidhne oidhche Mhàirt is thuirt ScotRail gu bheil seirbheisean a-nis air tilleadh dhan abhaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Giblean 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh