BBC Naidheachdan

Dragh mu phìos den A862

Published
image copyrightNorthpix
image captionThug an tubaist droch bhuaidh air Daniel Friseal
Dh'innis siorraidh gun cuir e fios air na h-ughdarrasan mu phìos den A862 far an deach boireannach a mharbhadh ann an tubaist rathaid.
Chaill Mina NicChoinnich, a bha 77, a beatha ann an tubaist rathaid air an rathad faisg air Drochaid Lòbhat san Òg-Mhìos 2011.
Dh'aidich Daniel Friseal, 19, às a' Mhanachainn gun do dh'aobhraich e an tubaist leis gun robh e a' dràibheadh ro luath airson an seòrsa là a bh'ann.
Chaill e smachd air a' chàr is bhuail e ann an càr Mina NicChoinnich aig a' chrois-rathaid ri Rathad Chanaich, an A821.
Chaill Friseal a chead-dràibhidh son trì bliadhna is chaidh 200 uairean de sheirbheis sa choimhearsnachd a chur air.
Dh'innis am fear-lagh aig Friseal gu bheil an deugaire air fulang gu mòr son na rinn e leis gur e caraid dha theaghlach a bh'ann am Mina NicChoinnich.
Thuirt an siorraidh, Ian Abercrombie, gun robh e follaiseach gun robh aithreachas mòr air Friseal agus gum biodh fad a bheatha.
Thuirt an siorraidh gu bheil e fhèin glè iomagaineach mun phìos seo den rathad far a bheil lùib 110°.
Dh'iarr Siorraidh Abercrombie air an fhioscal, Sharon Ralph, fios a chur air na h-ughdarrasan mun rathad.
Thuirt e gum biodh e fhèin cuideachd a' sgrìobhadh gu pearsanta son na draghan a th'air a chur an cèill.