Taghadh nan Comhairlean Ionadail

  • Air fhoillseachadh
Ionad Bhòtaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Dhùin na -ionadan bhòtaidh aig 22:00 Diardaoin.

Tha cùnntadh nan bhòtaicheanair tòiseachadh ann an taghadh nan comhairlean ionadail.

Aig an ìre seo thathas a' tuigsinn gun robh an àireamh a nochd son bhòtadh caran iosal, le tomhas gun robh e timcheall air 41% sa Ghàidhealtachd.

Bha an àireamh pìos nas àirde ann an Earra-Ghàidheal aig 48%.

'S e siostam na bhòt shingilte ghluasadaich - STV - a tha ga chleachdadh san taghadh.

Fon t-siostam seo chan e crois ach àireamhean a thathas a' cur mu choinneamh nan tagraichean.

Bidh am fiosrachadh as ùr aig BBC Alba tron là.

Bidh naidheachd air Radio nan Gàidheal mar a nochdas e agus program sònraichte gu bhith air an àidhear aig 13:00.

Nochdaidh na toraidhean bho na sgìrean Gàidhealach air an làraich seo, is bidh beachd air an dealbh uile gu lèir air An Là air BBC Alba aig 20:00.