Sreapadair ga lorg beò
- Air fhoillseachadh

Chaidh fear-coiseachd a lorg slàn sàbhailte as-dèidh aithris gu robh e a dhìth ann an Loch Abar bho Dhidòmhnaich.
Bha heileacoptair bho RAF Inbhir Losaidh is Sgioba Teasairginn nam Beann ann an Loch Abar fhèin an lùib na h-iomairt gus an duine a lorg.
Thuirt Niall McCawley à Worcester, a tha 73, nach robh dad a dh'fhios aige gu robh daoine ga shireadh.
Fhuaireadh Mgr McCawley ann an Ceann Loch Shubhairne.
Dh'innis e gun do cho-dùin e ùine a bharrachd a chur seachad anns na beanntan leis gun robh an aimsir cho math.
Thuirt Iain Stevenson bho Sgioba Teasairginn nam Beann gun robh iad toilichte gun robh Mgr McCawley ceart gu leòr.
Thuirt e ge-tà gun robh còir aig Mgr McCawley a bhith air innse do chuideiginn gun robh e an dùil cuairt nas fhaide a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2012