BBC Naidheachdan

Tiotal son na Mechanics

Published
image copyrightSNS (Scotland)
image captionTha Forres Mechanics air an tiotal a bhuannachadh son a' chiad turas bho 1986.
Bhuannaich Forres Mechanics Lìog na Gàidhealtachd son a' chiad turas bho 1986, agus son dìreach an darna turas nan eachdraidh.
Thog na Mechanics na trì puingean a bha a dhìth orra an aghaidh na Bruaich Disathairne.
Chrìochnaich an geama 1-0, is Ryan Christie bhon Bhruach a' cur a' bhuill dhan lìon aige fhèin as-dèidh 14 mionaidean.
Bha sin gu leòr son a' gheama agus an lìog a bhuannachadh son sgioba Fharrais.
"Tha sinn air ar dòigh", thuirt manaidsear na Mechanics, Teàrlach Rowley.
"'S iomadh sgioba ann an Lìog na Gàidhealtachd a tha a' pàigheadh fada a bharrachd airgid gu cluicheadaran na tha sinne, is tha sin ga dhèanamh nas fheàrr builleach", thuirt e.
Bidh dùil ri sluagh mòr aig a' gheama mu dheireadh aig na Mechanics an aghaidh Bhaile Chè aig Pàirc Mosset oidhche Chiadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Oidhche mhòr an Lìog na Gàidhealtachd