Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00.

3 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha bhi Naidheachdan 11:00 againn air an làraich Dihaoine is program sònraichte ann mun taghadh ionadail.

Bancaichean

Thuirt Riaghladair Banca Shasainn, Sir Mervyn King, gun toir esan a h-uile cuideachadh do rannsachadh mu fàilligeadh nam bancaichean ro staing an ionmhais ann an 2008. Dh'aidich e nach do rinn esan air neo Banca Shasainn gu leòr a thaobh rabhadh a thoirt seachad mun chunnart anns an robh na bancaichean agus na taighean ionmhais mus do thòisich an staing, agus thuirt e ma 's e agus gum bi rannsacadh ann gur e rannsachadh neo-eisimeileach a dh'fheumas a bhith ann.

Bhòt

Tha bhòtadh a' dol air adhart anns na taghaidhean comhairle. Tha na bocsaichean baileat fosgailte gu 22:00 a-nochd ann 181 sgìre ùghdarras ionadail ann an Alba, Sasainn agus a' Chuimrigh.

An Fhraing

Bha deasbad gu math feargach aig amannan an-raoir air an telebhisean eadar an Ceann-Suidhe Sarkozy agus Francois Hollande, an Soisealach a tha a' seasamh na aghaidh ann an taghadh a' Chinn-Suidhe sa Fhraing. Dh'fhàg iad air a' cheile gun robh iad breugach. Tha na cunntais bheachd a' cur Mhgr Hollande air thoiseach ron chuairt mu dheireadh den bhòtadh Là na Sàbaid.

Tuath-Gaoithe

Tha còmhraidhean a' dol air adhart eadar muinntir Tholastadh bho Thuath ann an Leòdhas agus companaidh a tha airson tuath-gaoithe le trì muilnean deug a thogail air a' mhòintich aca. Feumaidh 2020 Renewables aonta a dhèanamh leis a' choimhearsnachd agus buidhnean àrainneachd mus iarr iad cead-dealbhachaidh. Tha seo a' tighinn àn dèidh maill air planaichean a bh' aig muinntir Tholastaidh airson tuath-gaoithe a thogail dhaibh fhèin.

Mìcheal Foxley

Tha Mìcheal Foxleym a tha a' fàgail a dhreuchd mar cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, ag iarraidh air buill-phàrlamaid anns a' phàrtaidh aige fhèin, na Lib Deamaich, seasamh agus iarraidh air Oighreachd a' Chrùin pàigheadh airson bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth. Tha Mgr Foxley, ball san Lib Deamaich, den bheachd leis gu bheil na Lib Deamaich nam pàirt de riaghaltas na co-bhanntachd ann an Westminster, gu bheil coltas ann gun soirbhicheadh leotha.

Rathaidean

Tha polais ag iarraidh air feadhainn air motar-baighsdagal agus dràibhearan eile a bhith fìor fhaiceallach agus na rathaidean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' fàs nas trainge ro shaor-laithean deireadh-sheachdain na Ceitein agus mìosan an t-samhraidh. Chaidh dithis a mharbhadh ann an tubaistean motar-baidhseagal air Ghàidheatachd bho dheireadh na seachdain seo chaidh. Thuirt na poilis gum feum dràibearan an aire a thoirt orra fhèin agus air dràibhearan eile.