An Drochaid Eadarainn

  • Air fhoillseachadh
An Clachan GàidhealachTùs an deilbh, An Clachan Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,
'S iad Comunn a' Chlachain Ghàidhealaich a stèidhich an goireas ùr.

Chaidh làrach-lìn ùr a a tha a' mìneachadh dualchas Gàidhlig Alba Nuaidh a stèidheachadh.

Tha 'An Drochaid Eadarainn', a' toirt eisimpleirean de na diofar dhualchainntean anns na sgìrean Gàidhealach ann an Alba Nuadh, is eisimpleirean cuideachd air ceòl agus cultar an àite.

Faodar an làrach a chleachdadh sa Ghàidhlig fhèin, air neo ann am Fraingis no Beurla.

'S ann fo stiùir Chomunn a' Chlachain Ghàidhealaich, an taigh-tasgaidh is ionadal-cultarach ann an Ceap Breatainn, a chaidh an goireas a stèidheachadh, le taic bhon riaghaltas ionadail 's feadaralach agus bho ionadan foghlaim.

Chaidh an làrach a chur air bhog gu h-oifigeil mar phàirt de Mhìos na Gàidhlig, a tha a' dol ann an Alba Nuadh an-dràsta.

"Gu h-àraidh tha sinn ag amas air luchd-bruidhinn na Gàidhlig sa mhòr-roinn", thuirt Lodaidh MacFhionghuin, bho Oifis na Gàidhlig ann an Riaghaltas Alba Nuaidh.

"Fèin-aithne"

"Tha sinn a' feuchainn ri tuilleadh stuth a thoirt dhaibh far am bi iad fhèin a' toirt an aire air fèin-aithne nan Gàidheal.

"Gu dè air an robh na Gàidheil a-mach agus gu dè air a bheil na Gàidheil a-mach san là a th'ann an-diugh", thuirt e.

Thuirt Mgr MacFhionghuin gu bheilear an dùil an tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an làrach san àm ri teachd.

Bidh an t-uabhas a' dol air feadh Alba Nuaidh sa Chèitean gus Mìos na Gàidhlig a chomharrachadh.

Tha suidheachadh na Gàidhlig san sgìre air tighinn air adhart anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh is tòrr a bharrachd dhaoine air a' chànan ionnsachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh