BBC Naidheachdan

Na Bàigh aig na daoine?

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionBidh a' choinneamh ann an Talla an t-Òib Diardaoin an 10mh den Chèitean.
Thèid iarraidh air muinntir Cheann a Deas na Hearadh beachdachadh am bu chòir dhaibh feuchainn ris an fhearann air a bheil iad a' fuireach a cheannach.
Gheibh iad an cothrom aig coinneamh de chomhairle choimhearsnachd na sgìre Diardaoin seo tighinn.
'S e oighreachd mhòr a th'ann an Oighreachd nam Bàgh, a' dol bho dhìreach thaobh a-muigh an Tairbeart sios tron chosta sear agus dhan Taobh Tuath air a' chosta siar.
Tha i cuideachd a' gabhail a-staigh Beàrnaraidh na Hearadh.
'S ann le teaghlach Hitchcock a tha an oighreachd an-drasta.
Cheannaich iad am fearann ann an 1925 nuair a chaochail am Morair Leverhulme.

Trath

Tha a' chomhairle choimhearsnachd ag ràdh gu bheil an gnothach aig ìre gu math trath is an deasbad dìreach a' tòiseachadh.
"Tha Comhairle Coimhearnsachd Cheann a Deas na Hearadh dìreach air tòiseachadh a' cheist a chur riutha fhèin, am biodh buannachd sam bith ann Oighreachd nam Bàgh a cheannach", thuirt fear de bhuill na comhairle, Hamish Mac an Tàilleir.
"Tha sinn dìreach airson a' cheist a chur ris an t-sluagh airson 's gum faigh sinn a-mach aig toiseach-tòiseachaidh barail mhuinntir an àite air", thuirt e.
Bidh riochdairean bho na buidhnean coimhearsnachd a ghabh sealbh air pìosan eile den eilean cheana, Urras Cheann a Tuath na Hearadh agus Urras Taobh Siar na Hearadh, an làthair aig a' choinneimh son comhairle is stiùireadh a thoirt seachad.