Buill ùr air bòrd MG Alba

Dh'ainmich riaghladair a' chraolaidh, Ofcom, na buill ùr a thèid air bòrd MG Alba.

Tha Jo NicDhòmhnaill agus Dàibhidh Brew nam buill às ùr, agus chaidh Alasdair MacCaluim a thaghadh airson teirm eile.

Jo NicDhòmhnaill

Chur Jo NicDhòmhnaill, a bhoineas do Leòdhas, mòran bhliadhnaichean seachad ag obair dhan a' BhBC - an lùib rèidio, telebhisean agus seirbheisean eadar-lìn.

Bho dh'fhàg i am BBC ann an 2008, tha i air a bhith ag obair air a ceann fhèin mar sgrìobhaiche, rannsaiche, eadar-theangaiche agus craoladair.

Dàibhidh Brew

Tha Dàibhidh Brew, a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig, na riaghladair air Oilthigh Raibeart Ghòrdain agus na bhall rèiteachaidh de bhòrd Chomhairle Teagaisg na h-Alba.

Bha e na àrd sheirbheiseach catharra ann an Riaghaltas na h-Alba, le uallach airson adhartachadh na Gàidhlig bho 2004 gu 2006, gus an do leig e dheth a dhreuchd an uiridh.

Alasdair MacCaluim

Tha Alasdair MacCaluim air a bhith na bhall de bhòrd MG Alba bho 2008.

Tha e air a bhith ag obair na Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba bho chionn deich bliadhna.

Thuirt Alasdair Allan BP, am ministear air a bheil uallach na Gàidhlig, gu robh e a' cur fàilte mhòr air na buill ùra.

"Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air buill ùr a' Bhùird agus tha mi a' guidhe gach soirbheachas dhaibh ann a bhith a' gabhail nan dreuchdan ùr seo fo stiùir a' Chathraiche ùir" thuirt e.

San Dùbhlachd an uiridh, chaidh Magaidh Choineagan ainmeachadh mar Cathraiche ùr MG ALBA bho thoiseach an Iuchair 2012.

Bidh gach teirm airson buill a' Bhùird a' maireachdainn ceithir bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile