Airgead airson na h-àrainneachd

Chaidh maoineachadh ùr fhoillseachadh do phròiseactan a tha ag amas air fiadh-bheatha, àrainneachd dùthchail agus costaichean na h-Alba a dhìon.

Bidh £2m ri fhaotainn bho Stòras Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta.

Thèid an t-aigead gu measgachadh de phròiseactan air feadh na dùthcha.

Thathar a' tomhais gu bheil luach de cha-mhòr £1.5bn ann an turasachd co-cheangailte ri nàdar do dh'eaconomaidh na h-Alba gach bliadhna.

Piseach

Tha an stòras airgid seo ag amas air coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus piseach a thoirt air na chì an fheadhainn a thig dhan dùthaich.

Am measg nam pròiseactan a gheibh buannachd às, tha sgrùdadh air a' bhuaidh a th' aig crìonadh nan cladaichean air còrr is 900 làrach air feadh Alba.

Gheibh coimhearsnachd ann am Baile Eòghainn airgead airson coille a cheannach, agus thèid earrann eile a dh'Arcaibh far am bithear a' feuchainn ri fiadh-bheatha na sgìre a shanasachd.

Tha Stòras Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta mar thà air còrr is £50m a thoirt seachad - air a roinn a-mach eadar 300 pròiseact.