Northlink a' call cùmhnant
- Air fhoillseachadh

Chan eil ach aon sheirbheis aiseig aig Serco thuige seo
Chaill a' chompanaidh Northlink an cùmhnant airson an t-seirbheis aiseig eadar Scrabster agus na h-Eileanan a Tuath a ruith.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil a h-uile coltas ann gur e a' chompanaidh Serco a gheibh an cùmhnant nuair a thèid ùrachadh as t-Sàmhradh.
Am measg nan seòlaidhean a thèid fo smachd Serco, tha eadar Scrabster agus Stromness ann an Arcaibh.
Chan eil aig Serco ach aon sheirbheis aig an ìre seo, bàt-aiseig fosgailte air Uisge Thames ann an Sasainn.