A82 dùinte aig droch thubaist

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu droch thubaist air an A82.

Thachair an tubaist mu 9:53m trì mìle an iar air Drochaid an Aonachain.

Thuirt na poilis gun deach pàirt dhen rathad a dhùnadh.

Chan eil an còrr fiosrachaidh againn aig an ìre seo.