Uist Builders ann an rianachd

UBC

Tha Buidheann UBC Earranta, aig a bheil 277 ag obair, ann an rianachd.

Chaidh crìonadh ann an gnìomhachas an togail a choireachadh.

Thuirt a' chompanaidh Zolfo Cooper gun deach am fastadh mar luchd-rianachd airson UBC Holdings Limited, UBC Group Limited, UBC Homes Limited, Wyvis Building Services Limited, Wyvis Roofing Limited, Mardon Project Services Limited, UBC Central Limited agus UBC East Limited (còmhla a' Bhuidheann).

Bha na gnìomhachasan a' toirt a-steach mu £31m gach bliadhna agus tha oifisean aca ann an Inbhir Nis, Glaschu, Dùn Dè, Bathgate, Steòrnabhagh agus Uibhist a Deas.

Thuirt Stiùiriche Buidheann UBC, Seumas Pedrana, gur e là duilich a bh' ann dhan a h-uile duine aig an robh ceangal ris a' chompanaidh agus na coimhearsnachdan a bha iad a' frithealadh thairis air an 40 bliadhna mu dheireadh.

Bha e ag ràdh gun do sheall iad ri gach roghainn airson rianachd a sheachnadh, ach nach gabhadh sin a dhèanamh ri linn crìonadh ann an roinn an togail agus bho nach b' urrainn do chuid de chompanaidhean am pàigheadh.