Co-bhanntachd ùr na Gàidhealtachd

Bidh an SNP os cionn co-bhanntachd riaghlaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, as dèidh dhaibh aonta a dhèanamh leis na Làbaraich agus na Lib Deamaich.

Seo a' chiad uair nach bi na Neo-eisimeilich - a' bhuidheann as motha sa Chomhairle - ann an cumhachd air Ghàidhealtachd.

Thuirt na Nàiseantaich gur e deagh naidheachd dhan Ghàidhealtachd a bh' anns an aonta.

Bha na Neo-eisimeilich mì-thoilichte.

Thuirt iad gun do chuir na pàrtaidhean am maith fhèin ro mhaith an luchd-bhòtaidh.