BBC Naidheachdan

Bùth Scalpaigh ga fosgladh as ùr

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionCheannaich a' choimhearsnachd a' bhùth an-uiridh

Fosglaidh a' bhùth coimhearsnachd ùr ann an Scalpaigh na dorsan aca Diardaoin airson a' chiad turais.

Cheannaich muinntir an eilein a' bhùth an-uirridh agus chuir iad seachad na mìosan a dh'fhalbh ga deasachadh.

Am measg na bhios innte, bidh café a dh'fhosglas Diluain.

'S i a' chompanaidh coimhearsnachd Bùth Scalpaigh Earranta a bhios ga ruith.