Prionnsapal ùr aig Colaiste a' Chaisteil

Colaiste a' Chaisteil Image copyright Colaiste Chaisteil Leòdhais
Image caption Bhòt am Bòrd gu h-aona-ghuthach airson Mhgr Mhic a' Mhaoilein

Dh'ainmich Colaiste Chaisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh prionnsabal ùr.

Bhòt Bòrd Stiùiridh na Colaiste gu h-aona-ghuthach airson Mgr Iain Mac a' Mhaoilein a chur anns an dreuchd.

Leig an seann phrionnsabal, Dàibhidh Green, a dhreuchd dheth an-uiridh, às dèidh 15 bliadhna.

Bha Mgr Mac a' Mhaoilein ag obair mar phrionnsabal eadar-amail às dèidh do Mgr Green a' cholaiste fhàgail aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Bha e roimhe ag obair mar Stiùiriche Ionmhais agus Sheirbheisean Corporra na colaiste.

Tha Colaiste a' Chaisteil mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile