BASF a' gabahil thairis Bhrèascleit

Deuchainnlann
Image caption 'S i a' chompanaidh BASF às a' Ghearmailt a cheannach an fhactaraidh

Gabhaidh companaidh ùr factaraidh chungaidhean Bhrèascleit ann an Leòdhas thairis.

Tha a' chompanaidh cheimigeach BASF às a' Ghearmailt ga ceannach bho Equateq.

Tha BASF, aig a bheil còrr air 100,000 neach-obrach, a' reic còrr air €70bn de stuth gach bliadhna.

Tha factaraidh Bhrèasleit air a bhith a' dèanamh chungaidhean le ola Omega 3.

Chan eil fhios dè na fhuair Equateq bho BASF.

Tha 47 duine ag obair aig factaraidh Bhrèascleit.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean gum bi an t-aonta a' dìon nan obraichean sin agus gur dòcha gum bi BASF airson leudachadh agus tuilleadh dhreuchdan a chruthachadh.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an naidheachd cuideachd.