BBC Naidheachdan

Fear-gairm ùr Chomhairle nan Eilean Siar

Published
image captionTormod Dòmhnallach a' faighinn dreuchd an Fhir-Gairm
'S e comhairliche sgìre Ùige agus Cheann a Tuath nan Loch, Tormod Dòmhnallach, Fear-gairm ùr Chomhairle nan Eilean Siar.
Rinn e a' chùis air comhairliche sgìre an Rubha Tormod MacLeòid 16 bhòtaichean gu 15.
Chaidh treas tagraiche a chur air adhart leis a' bhuidhinn SNP, Rae MacCoinnich, ach tharraing esan às, às dèidh a' chiad bhaileit anns nach d'fhuair e ach ochd bhòtaichean.
'S e an Comh. Aonghas Caimbeul a fhuair dreuchd Ceannard na Comhairle a-rithist.
Cha do sheas an aghaidh Mhgr Chaimbeul ach comhairliche Uibhist a Deas agus Bharraigh, Dòmhnall Manford.
Bhuannaich Mgr Caimbeul 21 bhòt gu 10.