Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Comhairle na Gàidhealtachd Image copyright bbc
Image caption 'S i co-bhanntachd eadar an SNP, na Làbaraich agus na Lib-Deamaich a tha a-nis a' riaghladh na Comhairle

Tha a' cho-bhanntachd riaghlaidh ùr air Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a chur às do Chomataidh Gàidhlig na Comhairle.

Thuirt ceannardan na Comhairle gur ann a thèid uallach a' chànain a chur air a h-uile comataidh, agus gum bi a' Ghàidhlig air a neartachadh nas fharsainne am broinn an ùghdarrais ionadail.

Bidh e an urra ris a h-uile comataidh sa Chomhairle a' Ghàidhlig a thoirt a-steach mar phàirt den obair aca.

'S i co-bhanntachd eadar an SNP, na Lib-Deamaich agus na Làbaraich a tha a' riaghladh na Comhairle às dèidh taghadh na seachdain seo chaidh.

'S ann bhon SNP a thàinig am moladh, mar phàirt de chruth-atharrachadh a tha iad am beachd a thoirt air structar chomataidhean na Comhairle.

Chuir an naidheachd fearg air cuid a tha an sàs ann an leasachadh a' chànain.

"Cha chreid mise nach eil seo a' sealltainn dìmeas mòr dhan Ghàidhlig anns a' Chomhairle, agus tha e a' sealltainn nach eil a' Chomhairle ann an suidheachadh far an robh i roimhe, a' cur air adhart agus a' brosnachadh 's a' leudachadh na Gàidhlig mar a bha i a' dèanamh aig ìre mhòir," thuirt seann Chathraiche na Comataidh, an comhairliche neo-eisimeileach Hamish Friseal.

"Tha mise a' faicinn gu bheil seo na cheum air ais, fada air ais, timcheall air Gàidhlig agus a bith ga leudachadh 's ga brosnachadh air a' Ghàidhealtachd," thuirt e.

Tha Mgr Friseal a' gabhail ris gur e rud math a bhiodh ann nam biodh a' Ghàidhlig air a cleachdadh air feadh na Comhairle, ach tha teagamh air co-dhiù thachras sin.

"Thuiginn sin dha-rìribh fhèin, ach chan eil mise den bheachd gun tachair sin ann an dòigh sam bith. Tha mise a' faicinn gum bi i air a deasbad ann an dhà no trì prioban sùla, agus gun tèid i an uair sin air chall.

"Agus tha e a' cur uallach mhòir air na h-oifigearan againn, nach eil comataidh ann, nach eil duine ann a bheir dhaibh an stiùir a tha iad ag iarraidh, agus a bhios a' cumail sùil air na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig, agus ciamar a tha am plana ùr Gàidhlig a tha sinn a' cur air bhonn a' dol a bhith ag obrachadh.

"Duine sam bith a tha a' smaointinn gur e rud math a bhios ann an seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' fuireach ann an dùthaich na cuthaige," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile