Dreuchdan CNES gan ainmeachadh

Tormod Dòmhnallach
Image caption Tormod Dòmhnallach a' faighinn dreuchd an Fhir-Ghairm

'S e comhairliche sgìre Ùige agus Cheann a Tuath nan Loch, Tormod Dòmhnallach, Fear-gairm ùr Chomhairle nan Eilean Siar.

Rinn e a' chùis air comhairliche sgìre an Rubha, Tormod MacLeòid, 16 bhòtaichean gu 15.

Chaidh treas tagraiche a chur air adhart leis a' bhuidhinn SNP, Rae MacCoinnich.

Tharraing esan às ge-tà, às dèidh a' chiad bhaileit anns nach d'fhuair e ach ochd bhòtaichean.

'S e an Comh. Aonghas Caimbeul a fhuair dreuchd Ceannard na Comhairle a-rithist.

Cha do sheas an aghaidh Mhgr Chaimbeul ach comhairliche Uibhist a Deas agus Bharraigh, Dòmhnall Manford.

Bhuannaich Mgr Caimbeul 21 bhòt gu 10.

Chaidh cathraichean agus iar-chathraichean chomataidhean ainmeachadh cuideachd:

Foghlam agus Seribheisean Cloinne

Cathraiche - Catriona Stiùbhart

Iar-Cathraiche - Dàibhidh Blaney

An Àrainneachd agus Seirbheisean Dìon

Cathraiche - Coinneach Moireach

Iar-Chathraiche - Niall Peutan

Leasachadh Maireannach

Cathraiche - Eardsaidh Caimbeul

Iar-Chathraiche - Teàrlach MacNeacail

Còmhdhail agus Bunstructair

Cathraiche - Iain MacAoidh

Iar-Chathraiche - Ùisdean Robasdan