BBC Naidheachdan

Sgeama pìleat chladaichean Oighreachd a' Chrùin

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
Dh'fhoillsich Oighreachd a' Chrùin sgeama pìleat fo am faigh coimhearsnachdan ionadal tuilleadh smachd air na cladaichean aca fhèin.
Thèid an sgeama a ruith mar dheuchainn anns an Eilean Sgitheanach agus an Uibhist a Tuath.
Chaidh an Coimisean a dhubh-chàineadh gu mòr bho chionn ghoirid.
Tha iad ag ràdh gun coimhead iad ri cumhachdan leasachaidh a sgaoileadh gu Comann Chala Phort Rìgh agus Comann na Mara ann an Uibhst a Tuath.
A' bruidhinn ann am Port Rìgh, thuirt Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danaidh Alexander, gu bheil e a' coimhead air adhart ri tuilleadh aontaidhean den t-seòrsa.